BBC Naidheachdan

Talla Bhaile Steòrnabhagh gus fosgladh

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionBha dragh air cuid mu na planaichean airson an togalaich
Fosglaidh Talla Bhaile Steòrnabhaigh Diciadain às dèidh obair-leasachaidh chonnspaidich.
Bha dragh mòr air cuid aig toiseach gnothaich gum milleadh an obair an talla.
Ach tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad misneachail a-nis gu bheil a' mhòr-chuid riaraichte leis an obair, 's gur e goireas math a bhios ann dhan choimhearsnachd.
"Chì daoine leasachadh mòr air talla a' bhaile, togalach cho cudromach 's a th' ann am baile Steòrnabhaigh," thuirt Fear-labhairt Chomhairle nan Eilean Siar, Joe Mac a' Phì.

Ath-bheothachadh

"Chan e a-mhàin an leasachadh air an taobh a-muigh, ach an leasachadh a rinn sinn air an taobh a-staigh, agus 's e prìomh amas a' phròiseict ath-bheothachadh a thoirt air an togalach.
"Dh'fhosgail sinn na h-uinneagan a bh' ann am mullach an togalaich. Bha iad ann co-dhiù, ach bha iad air an dùnadh.
"Chaidh iad sin fhosgladh agus tha solas an là a' sruthadh a-steach dhan talla fhèin.
"Cuideachd ann an cuid de na rumannan chaidh leasachadh mòr a dhèanamh, agus cuideachd shuas air a' bhalcanaidh.
"Rinn sinn tòrr bruidhinn ris na daoine anns a' choimhearsnachd mu dheidhinn nan rudan a bha a' dol a ghabhail àite.
"Bha cuid de dhaoine a' smaointinn gur e fìor mhilleadh a bhathas a' dol a dhèanamh air, ach cha robh sin riamh anns an amharc.
"Tha mi a' smaointinn ann a bhith a' bruidhinn ris na daoine a-niste, tha iad a' faicinn, "o uell, tha sinn a' faicinn an rud a bha sibh a' feuchainn ri dhèanamh."
"Gabhaidh an t-àite a chleachdadh fhathast mar a bha. Ach a-niste bidh tòrr a bharrachd dhaoine ga chleachdadh, agus bidh feum ga dhèanamh dheth - rud nach robh ron a seo," thuirt e.