Fàgail nan Cladaichean
- Air fhoillseachadh

Nochd beachd nach bu chòir càil a dhèanamh airson cladaichean nan Eilean Siar a dhìon bhon mhuir, ach leigeil leotha crìonadh.
Bha an t-Oll. Anndra Cooper à Oilthigh Uladh a' bruidhinn aig co-labhairt CoastAdapt ann an Uibhist.
Thuirt e gun dèan sgeamaichean càraidh milleadh gu tric air pàirtean eile den chladach, seach a bhith a' dèanamh feum.
Mhinich e mar a tha na cladaichean an-còmhnaidh ag atharrachadh, agus mar a bha iad riamh.
Cumhachd
Bha e cuideachd a' sealltainn far an deach obair dìon air adhart roimhe ann an àiteachan eadar-dhealaichte, gun a bhith air an crìonadh a stad idir air a' cheann thall.
Thuirt e gum bu chòir do dhaoine na dòighean aca atharrachadh iad fhèin, agus gluasad air falbh bho oir na mara far a bheil an cladach a' crìonadh.
Nochd e eisimpleirean de mar a thathas fiù 's a' gluasad thaighean air ais bhon chladach anns na Stàitean Aonaichte.
Tha eòlaichean bho air feadh an t-saoghail air a bhith an làthair aig a' cho-labhairt, a tha a' coimhead ris na diofar adhbharan a tha cladaichean a' crìonadh air feadh an t-saoghail.
Bhathas a' coimhead cuideachd air mar a ghabhadh làraichean arc-eòlais a tha faisg air a' chladach a dhìon.
Thugadh sùil cuideachd air na cothroman a dh'fhaodadh a bhith an luib atharrachadh na sìde do dh'aiteachan leithid nan Eilean Siar, bho chumhachd ath-nuadhachail agus eile.