Dragh mu uain gan call ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Tha dragh ann mu na tha de dh'uain gan call ann an Leòdhas, agus cuid den bheachd gur e tinneasan leithid Listeria agus Toxoplasmosis as coireach.
Chan eil àireamhan oifigeil ann, ach tha gu leòr, lìghiche-sprèidh nam measg, a' cumail a-mach gu bheil fada a bharrachd uan marbha gam breith na tha idir àbhaisteach.
Tha an lìghiche-sprèidh Hector Lowe den bheachd gur e Listeria as motha as coireach.
Thuirt e gur ann bho silage nach eil aig ìre a thigeadh sin.
Thathas cuideachd a' coireachadh Toxoplasmosis ge-tà, agus sin ag èirigh far a bheil biadh nan caorach air a ghànnrachadh le mùin cait.
Tha cuid eile a' cumail a-mach gur ann bho shalchair nan gèadh a thig an Toxoplasmosis ge-tà, agus oidhirpean gus smachd a chumail air na h-eòin sin anns na h-Eileanan air fàiligeadh gu ìre mhòir thuige seo.
'S e glè bheag a ghabhas dèanamh mun trioblaid, ach a bhith ag ullachadh ro làimh.
Thathas ag iarraidh air croitearan is tuathanaich a bhith cinnteach gur e silage math glan a tha iad a' toirt do na caoraich, agus ma tha iad air beathaichean a thoirt a-steach bho Thìr Mòr, gum bi iad cinnteach gun tàinig sin bho àiteachan far nach eil na tinneasan nan trioblaid.
Bu chòir cuideachd biadh a chumail glan agus dìonach.