10,000 ainm air ath-chuinge an A83

Ceann Loch Gilp Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S e an A83 am prìomh rathad tro Earra-Ghàidheal

Tha beachd ann gun do chuir 10,000 duine an ainm ri ath-chuinge ag iarraidh gun tèid an A83 ann an Earra-Ghàidheal a leasachadh.

Chuireadh an t-ath-chuinge mu choinneimh Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin, agus an fheadhainn a th' air a cùlaibh ag ràdh gu bheil e deatamach don sgìre gun tèid an rathad a leasachadh.

'S e an A83 am prìomh rathad tron t-siorrachd, a' leantainn eadar Tairbeart Loch Laomainn agus Ceann Loch Chille Chiarainn, timcheall air Loch Fìn.

Bidh earrainnean den rathad dùinte gu tric, gu h-àraid aig an Rest and Be Thankful, far a bheil maoimean-slèibhe bitheanta.

Deuchainn

"Tha mi a' creidsinn gur e an dragh as motha am pìos den rathad ris an canar 'Rest and Be Thankful,' o chionn, tha grunn mhaoimean-slèibhe gu math dona air a bhith ann, 's cunnartach cuideachd bho chionn beagan bhliadhnaichean," thuirt an t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid, a tha a' fuireach san sgìre.

"'S e mìorbhaill a th' ann nach do thachair dad do charbadan sam bith a bh' air an rathad nuair a thàinig an talamh a-nuas 's na creagan.

"Tha mi a' creidsinn mar a tha an aimsir ag atharrachadh, agus na geamhraidhean nas fhliuiche, gu bheil uallach air daoine gun tachair e a-rithist.

"Ach 's i a' cheist ciamar a thèid sin fhuasgladh. Cosgaidh e airgead mòr airson a chur air dòigh. Ge b'e dè nì iad bidh e gu math daor.

"Agus an rathad eadar Tairbeart Loch Laomainn agus Ceann Loch Chille Chiarain, 's e rathad gu math trang a th' ann le luchd-turais, 's làraidhean mòra le bathair 's làraidhean leis na crainn-ghaoithe a tha iad a' cur ri chèile ann an Cinn Tìre.

"Tha pìosan dheth nach eil math idir, deas air Ceann na Creige, às a bheil Aiseag Ìle a' falbh, sìos gu Ceann Loch Chille Chiarain fhèin. Dh'fheumadh sin a bhith air a leasachadh.

"Gu cinnteach 's e seo an ceangal eadar baile mòr Ghlaschu agus Earra-Ghàidheal.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' toirt sùil gheur air seo. 'S tha iadsan air airgead mòr a chosg mar thà air innealan a tha a' cumail sùil air cliathaich na beinne.

"Agus chosg iad airgead mòr cuideachd nuair a bha maoimean-slèibhe ann, airson na bh' ann de pholl 's de chreagan a thoirt air falbh.

"'S tha iad air airgead mòr a ghealltainn airson deuchainn a dhèanamh air a' bheinn 's air an rathad ann an sin, 's uell, 's e toiseach tòiseachaidh a th' ann an sin," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile