Sùil eile air na geòidh a dhìth

Geòidh Image copyright Ian McCarthy
Image caption Bidh na geòidh a-nis anns na h-Eileanan fad na bliadhna, seach a bhith a' falbh mar a chleachd

Tha croitear ann an Leòdhas ag iarraidh gun toirear sùil eile air trioblaid nan gèadh glasa.

Tha beachd ann gu bheil mar a tha iad a' gànnrachadh na talmhainn le an cuid salchair a' fàgail thinneasan am measg chaorach.

Tha aithrisean ann gu bheil barrachd uan gan call am bliadhna, agus iad air am breith marbh, na is àbhaist.

"Tha tòrr chaorach a tha a' tilgeil nan uan dìreach mus breith iad, can seachdain no dhà mus 'eil dùil aca breith," thuirt Niall MacLeòid, a b'àbhaist a bhith na Chathraiche air Bunait Croitearachd na h-Alba.

Salchair Cait

"Chanadh lìghiche-sprèidh rudeigin riut, ach 's e mo bheachd-sa gur e dà rud a th' ann.

"Chanainn-sa gur e geòidh a' chiad rud a th' ann. Thachair e dhomh fhèin an-uiridh, chaill mi an t-uabhas aca, agus bha an lìghiche-sprèidh aig an àm sin ag ràdh gur e geòidh a bh' ann.

"Ach rud eile mu am feum daoine a bhith gu math faiceallach, 's e cait. Tha salchair cait gu math cunnartach, 's feumaidh tu a bhith cinnteach, ma tha thu a' cumail bìdh a-staigh, gu bheil e ann an àite sàbhailte.

"Rud eile, tha e cosgail dha-rìribh a bhith a' faighinn feòir dhan eilean. Mar a tha an t-sìde air a dhol, tha e duilich dhuinn am feur a dhèanamh, 's tha daoine ag obair le silage.

"Nise tha silage, gu h-àraid na bèilichean mòra, gu math cunnartach. Gu h-àraid ma tha thu ga bhuain anmoch anns a' bhliadhna, mar a chì thu na boiteagan a' tighinn gu mullach na talmhainn, tha thu an uair sin dualtach talamh a thogail an-àirde, 's sin a bhith na mheasg.

"Ach chanainn-sa gur e na geòidh an rud as miosa a th' ann, ach chan fhaod thu do bheul fhosgladh mu dheidhinn geòidh.

"Nuair a bha sinne òg bha sinn a' coimhead air adhart ris na geòidh a' tighinn - an-diugh tha iad dìreach nan gràin.

"Tha iad dìreach a' sgapadh gu h-uabhasach. Chan urrainn dhut feur fhaighinn, no càil a chur no càil eile.

"Chan eil iad a' falbh à seo ann, tha iad ann fad na bliadhna.

"Tha làn-thìde aig cuideigin sealltainn ris," thuirt e.