Taic-airgid do dh'Fhèisean nan Gàidheal

  • Air fhoillseachadh
Fidheal ga cluich
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh 13,000 òganach a' gabhail pàirt sna fèisean a h-uile bliadhna

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' cur faisg air £500,000 ri Fèisean nan Gàidheal thairis air trì bliadhna.

Tha HIE ag ràdh gu bheil na fèisean a' toirt inbhe air leth cudthromach do cheòl agus ealain Ghàidhlig.

Bidh suas ri 13,000 òganach a' gabhail pàirt anns na fèisean a h-uile bliadhna.

Bheir an t-airgead seo cothroman a bharrachd dhan òigridh ionnstramaidean ciùil ionnsachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh