Smachd air teine mòintich faisg air a' Mhanachainn

Làrach an teine
Image caption B'fheudar do dhaoine na dachannan aca fhàgail aig aon àm

Tha luchd-smàlaidh air smachd fhaighinn air teine mòr monaidh aig Aigeis, faisg air a' Mhanachain, a thòisich oidhche Ardaoin.

B'fheudar do theaghlaichean na dachannan aca fhàgail aig aon àm, 's an teine a' teannadh dlùth orra.

Chaidh heileacoptair a ghairm airson uisge a leigeil air an teine, agus bha ochd carabadan smàlaidh an làthair cuideachd.

Tha luchd-smàlaidh ag iarraidh air uachdarain a bhith faiceallach ma tha iad a' lasadh theintean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile