Cùmhnant dùnaidh aig ionad niuclasach Dhùnrath

  • Air fhoillseachadh
DùnrathTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Sàbhalaidh an cùmhnant £1bn do luchd-pàighidh na cìsean, a rèir an NDA

Thèid an cùmhnant as motha ann am Breatainn airson làrach a dhùnadh a thoirt seachad gu h-oifigeil ann an Dùnrath ann an Gallaibh Diluain.

Bidh Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore, agus Rùnaire Àrainneachd an Riaghaltais Albannaich Ridseard Lochhead, an làthair aig an làraich niuclasaich, nuair a gheibh a' bhuidheann Babcock Dounreay Partnership an cùmhnant.

Chaidh a' bhuidheann a chruthachadh eadar a' chompanaidh Babcock agus dà bhuidhinn às Aimeireaga.

Fhuair iad an cumhnant luach £2bn gus a' chompanaidh a bha an urra ri ùrachadh làrach Dhùnrath a ghabhail thairis.

'S e seo a' chiad chùmhnant a th' air a bhith ann riamh gus làrach niuclasach air fad a ghlanadh, agus bheir e làrach Dhùnrath gu ìre ris an canar Interim End State.

Tha na h-aonaidhean a' sùileachadh gun tèid obair air adhart mar is àbhaist airson a' cha-mhòr 900 de luchd-obrach a tha ag obair aig an làraich.

Tha Ùghdarras an Dì-choimiseanaidh Niuclasaich (NDA) ag ràdh gun sàbhail an cùmhnant £1bn do luchd-pàighidh nan cìsean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh