Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cogadh nan Eileanan Fàclannach

Tha diofar sheirbheisean an-diugh a' comharrachadh gu bheil 30 bliadhna ann bho thòisch Cogadh nan Eileanan Fàclannach. Am measg rudan eile thèid coinneal a lasadh aig a' Ghàradh Chuimhne Nàiseanta ann an Staffordshire, agus loisgidh sin dhan 14mh là den Ògmhios, an là air an do ghèill feachdan Argentina.

Tubaist Phlèana

Thuirt oifigich san Ruis gun deach 32 duine a mharbhadh ann an tubaist phlèana ann an Siberia. Bha 43 air a' phlèana eadar criutha agus luchd-siubhail, agus thàinig 11 duine beò às an tubaist.

Giùlain Sgeine

Dh'fhaodadh binn cho fada ri ceithir bliadhna sa phrìosan a dhol air duine a thèid a ghlacadh a' giùlain sgeine ann am bailtean na h-Alba fo lagh ùr a thig gu bith an-diugh. Tha an lagh ùr a' tighinn an dèidh sgeama pìleat aig àm na Nollaige 's na Bliadha Ùire.

Siria

Tha riochdaire nan Dùthchannan Aonaichte agus na Lìge Arabaich, Kofi Annan, a' dol gu Comhairle Thèarainnteachd an UN an-diugh, le aithris air a' phlana a th' aige airson sìth ann an Siria. Bha coltas ann an t-seachdain seo chaidh gun gabhadh an Riaghaltas ann an Damascus ri plana Mhgr Annan, ach tha an t-sabaid air a bhith a' dol air adhart on uair sin.

Aodion Gas

Tha a' chompanaidh ola Total ag ullachadh airson sgioba eòlaiche a chur gu Clàr Eilginn anns a' Chuan a Tuath an ceann là no dhà. Tha còrr is seachdain ann bho thòisich gas ag aodion agus bho chaidh luchd-obrach gu lèir a thoirt air falbh. Thuirt Total gum bi sgioba Aimeireaganach a' tomhas dè an dòigh as fheàrr air stad a chur air a' ghas. Chan eil e follaiseach fhathast an ann air bàta no heileacoptair a thèid iad a-mach dhan chlàr.

Seirbheis an Smàlaidh

Leanaidh àrd-oifigearan à seirbheisean smàlaidh eile an Alba a' cumail comhairle agus taic ri ceannardan Sheirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus iad a' gluasad gu ruige aon sheirbheis smàlaidh do dh'Alba air fad an ceann bliadhna. Thàinig an co-dhùnadh an dèidh coinneimh dhìomhair Dihaoine far an robh Bòrd Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' deasbad aithisg bho Choimisean a' Chunntais a rinn càineadh air cion trèanaidh, uidheamachd agus laigse ann an stiùireadh na seirbheis.