Ceistean aig CalMac mu sheirbheisean aiseig

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig
Fo-thiotal an deilbh,
Thàinig an Ath-sgrùdadh gu crìch deireadh a' Mhàirt

Thuirt Buidheann Mhic a' Bhriuthainn, dham buin seirbheisean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn nach eil iad uile gu lèir riaraichte le planaichean Riaghaltas na h-Alba son lùghdachadh air feadhainn de na seirbheisean aiseig as lugha, no cuir às gu lèir do chiud dhiubh.

Tha a' chompanaidh, nam freagairt oifigeil do dh'Ath-sgrùdadh nan Seirbheisean Aiseig, a' cur fàilte air mòran de mholaidhean an Riaghaltais.

Ach tha iad ag iarraidh soillearachaidh air an t-seorsa tomhais a thèid a dhèanamh air buaidh shòisealta agus eaconamaich mus tèid seirbheisean a ghearradh.

Thàinig an Ath-sgrùdadh gu crìch deireach a' Mhàirt.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh