BBC Naidheachdan

Sneachda an dèidh grèine

Published
image captionB'e a' mhìos a chaidh am Màirt a bu bhlàithe a bh' ann riamh ann an Alba
Tha sìde gheamhradail air tilleadh gu Alba an dèidh a' Mhàirt a bu bhlàithe riamh.
Tha suas gu 10 oirlich de shneachda air tuiteam ann an Siorrachd Obar Dheathain.
Tha na poileas ann an Roinn a' Mhonnaidh ag ràdh gur ann am Moireibh as miosa a tha cùisean.
Chaidh cuid de rathaidean air talamh àrd a dhùnadh, nam measg an A939 eadar Baile nan Granndach agus Damh-Ath, agus am B9007 eadar Drochaid Charra agus Feàrnais.
Chaill mu 3,000 dachaigh an dealan ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Moireibh, agus an sneachda air loidhnichean a mhilleadh.
Tha Scottish Hydro Electric ag ràdh gum bu chòir gum bi an dealan air ais ag obair ro dheireadh an là Dimàirt.
Tha rabhadh òmar an sàs air feadh cuid mhath de dh'Alba.