Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

California

Tha duine an grèim aig poilis ann an California fo amharas gur e a mharbh seachdnar aig colaiste ann an Oakland nuair a loisg e orra le gunna. Tha an duine, Huan Goh, 43 bliadhna de dh'aois. Buinnidh e bho thùs do Choirea a Deas, agus bha e aig aon àm na oileanach aig a' cholaiste.

Sneachda

Thuit còrr is sia òirlich de shneachda ann an sgìrean de cheann an ear-thuath na h-Alba, le Siorrachd Obar Dheathain agus sgìre Mhoireibh a' faighinn a' chuid as truime dheth. Tha mu 3,000 dachaigh san ear-thuath fhathast às aonais an dealain, ach tha na companaidhean dealain ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum bi sin aca air ais ro dheireadh an là. Tha dùil gun gluais an sneachda deas 's a-mach às Alba gu ruige ceann a tuath Shasainn feasgar.

Eaconamaidh Bhreatainn

Thuirt Seòmraichean Malairt Bhreatainn gun tàinig fàs air an eaconamaidh anns na trì mìosan mu dheireadh. Tha e a' ciallachadh gu bheil a h-uile coltas ann gun seachainn Breatainn tilleadh gu crìonadh. Ach tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil an eaconamaidh fhathast fada nas slaodaiche na bhiodh dùil.

Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba

Tha am Pàrtaidh Tòraidheach ann an Alba a' foillseachadh manifesto airson nan taghaidhean comhairle air an ath-mhìos. Tha iad a' gealltainn gun toir iad cumhachd cho faisg 's is urrainn dhaibh air a' choimhearsnachd. Tha am pàrtaidh a' cur 360 tagraiche air adhart air feadh Thìr Mòr na h-Alba.

Tuiltean Inbhir Nis

Tha planaichean airson Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean gam foillseachadh an-diugh. Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba a' mhòr-chuid de na cosgaisean, còrr is £20m, airson obair-leasachaidh eadar beul Abhainn Nis agus meadhan a' bhaile a phàigheadh. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur £3m eile ris an t-suim sin airson bruthaichean na h-aibhne a sgioblachadh.