BBC Naidheachdan

Tubaist-rathaid air an A9

Published
Chaidh dithis inbheach agus dithis chloinne a leòn às dèidh tubaiste air an A9 ann an Siorrachd Rois.
Thachair an tubaist eadar dà chàr, faisg air Alanais beagan ro 10:00m Dimàirt.
Dh'innis na poilis gun deach aon neach a dhroch leòn, agus gun robh rannsachadh a' leantainn air a' chùis.