Dùil aig coimhearsnachd ri £40m à tuath-gaoithe

Tuath-gaoithe Image copyright PA
Image caption Tòisichear air an ceangal-dealain a chur an sàs eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr

Tha dùil gum faigh coimhearsnachd a tha làimh ri tuath-gaoithe air oighreachd Ìsginn ann an Leòdhas £40m thar 25 bliadhna bhon leasachadh.

'S i companaidh dealain às an Fhraing, International Power, a thogas an tuath-gaoithe às dèidh don uachdaran, Nick Oppenheim, na còraichean leasachaidh a reic riutha.

Tha seo cuideachd a' toirt ceangal-dealain fon mhuir eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr ceum nas fhaisge, agus a' chompanaidh air suim-airgid a chur mu choinneimh.

Cosgaidh an ceangal £400m, agus tha a' chompanaidh ag ràdh gun cuidich iad leis a' chosgais sin, 's iad air £20m a chur air adhart mar thà.

"Tha e a' ciallachadh gum faod sinn a-nis a bhith an ìre mhath cinnteach gun tèid am pròiseact seo air adhart agus gum faic sinn airgead agus obraichean a' tighinn a-steach dhan choimhearsnachd," thuirt fear de bhuill Urras Tuath-gaoithe Mhuaitheabhail, Iain MacÌomhair.

"Ach cuideachd, tha sinn a' faicinn gu bheil an càbal a tha sinn a' feumachdainn gu Tìr Mòr a' dol air adhart, oir tha iad air a' chiad shuim-airgid a phàigheadh airson 's gun tòisich am pròiseact sin.

"Leis an naidheachd a tha sin bhiodh sinn an ìre mhath dòchasach gum faic sinn an càbal a tha seo a' dol air adhart anns an eadar-ama agus gum bi sinn ceangailte nuair a thig am pròiseact a tha seo gu buil," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile