Airgead do Chidhe Loch Baghasdail

Cidhe Loch Baghasdail Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thèid leasachadh mòr a thoirt air Cidhe Loch Baghasdail

Tha Cidhe Loch Baghasdail am measg trì pròiseactan eileanach a gheibh taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta.

Tha £996,000 ga thoirt seachad do Stòras Uibhist son na pròiseict leasachaidh aca air a' chidhe.

Thèid an t-airgead a chur ri leudachadh air a' chala le rathaidean ùra agus cabhsair ùr.

Bidh cabhsair a' ceangal Rubha Bhuailte ri Eilean Ghàsaigh, far am bi an cidhe ùr a bhios Stòras Uibhist a' togail.

Domhainn

Tha iad ag ràdh gur e cala cho domhainn 's a bhios anns an h-Eileanan an Iar.

Rinn Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlle'Mhaoil, toileachas ris an naidheachd.

"Seo agaibh an t-airgead a bha sinn a' feitheamh airson dèanamh cinnteach gun robh na bh' againn de dh'airgead son a' chiad phàirt den phròiseict a chur air aghaidh," thuirt e.

Tha obair-dealbhachaidh a' dol mar thà is tha an Stòras an dùil gun tòisich an obair fhèin - a mhaireas mu bhliadhna - anns an t-Samhradh.

Thathas an dùil air a' cheann thall àite a stèidheachadh cuideachd airson gnìomhachais agus thaighean is tha Stòras Uibhist a' lorg taic eile son na h-obrach sin.

Taic

A bharrachd air an airgead son Cidhe Loch Baghasdail thèid £133,693 dhan bhuidhinn Caraidean Uibhist, a bhios a' cumail taic ri seann daoine ann an Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas is Beinn nam Fadhla.

Thèid an t-airgead a chosg gus seann daoine a chuideachadh a bhith nam pàirt de na coimhearsnachdan aca.

Gheibh a' bhuidheann Iomairt Coimhearsnachd Eilean nam Muc £978,840 son leasachadh a thoirt air siostam dealain an eilein.

Aig an ìre seo tha dealan an eilein a' tighinn bho chruthadair diesel, nach eil ag obair ach son 10 uairean de thìde gach là.

Cleachdaidh a' bhuidheann an t-airgead son cumhachd ath-nuadhachail a chur gu feum gus am faigh iad dealan fad na h-ùine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile