Plana Co-ionnanachd air Ghàidhealtachd

Sluagh Image copyright Getty Images
Image caption Tha a' Ghàidhealtachd nas dualtaiche fàilte a chur air daoine bho thall-thairis

Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin air plana ùr co-ionnanachd.

Is coltach gu bheil beachdan mì-chothromach mu leithid Muslamaich agus daoine gèidh nas bitheanta air Ghàidhealtachd na tha iad ann an Alba air fad.

Ach tha rannsachadh a rinn a' Chomhairle cuideachd a' sealltainn gu bheil muinntir na Gàidhealtachd nas dualtaiche fàilte a chur air feadhainn a thig a dh'fhuireach san sgìre.

Tha dleastanas laghail air a' Chomhairle a dhèanamh cinnteach gu bheil iad a' dèiligeadh ris a h-uile duine air Ghàidhealtachd gu cothromach, fo Achd na Co-ionnanachd 2010.

Tha an rannsachadh a' coimhead ri mar a tha cùisean taobh a-staigh na Comhairle fhèin, agus air a' Ghàidhealtachd anns an fharsainneachd.

Thuirt barrachd dhaoine air Ghàidhealtachd nach biodh iad toilichte nam pòsadh cuideigin san teaghlach aca cuideigin a bha nam Muslamach, na neach-taisteil, a bha dubh, gèidh no a bhuinneadh do mhion-bhuidhinn shòisealta eile, na thuirt anns a' chòrr de dh'Alba.

Chan eil a' mhòr-chuid de dhaoine air Ghàidhealtachd a ghabh pàirt anns an rannsachadh idir a' nochdadh bheachdan an aghaidh nam buidhnean sin.

Fhuair an rannsachadh ge-tà, gu bheil an treas cuid de shluagh na Gàidhealtachd den bheachd gu bheil amannan ann nuair a tha deagh adhbhar ann a bhith an aghaidh cuid de bhuidhnean, no a bhith a' diùltadh chòraichean dhaibh.

Fhuaireadh cuideachd gu bheil daoine nas dualtaiche leth-bhreith dha-rìribh fhulang air a' Ghàidhealtachd na tha iad ann an Alba san fharsainneachd.

Thuirt còrr air an treas cuid de mhuinntir na Gàidhealtachd gun robh oidhirpean air còraichean co-ionnan a thoirt do dhaoine gèidh air a dhol ro fhada, an taca ris a' chòigeamh cuid ann an Alba air fad.

Ach tha còrr air 50% de shluagh na Gàidhealtachd a' toirt taic do phòsaidhean gèidh.

Cha bhiodh 13% den t-sluagh air Ghàidhealtachd toilichte nam pòsadh ball-teaghlaich duine dubh no duine den luchd-taisteil, an taca ri 9% ann an Alba san fharsainneachd.

Ach sheall an rannsachadh gu bheil a' Ghàidhealtachd nas deònaiche gabhail ri daoine bhon taobh a-muigh den sgìre no bho thall-thairis na tha an còrr de dh'Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile