Aiseag Dhìura air tòiseachadh son an t-seusain ùir
- Air fhoillseachadh

Thòisich aiseag do luchd-coiseachd a-rithist eadar Eilean Diùra agus Taigh a' Bhealaich ann an Earra-Ghàidheal.
Bha mì-chinnt ann roimhe am biodh taic-airgid ri fhaotainn airson seusain eile.
Sguir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid taic a chur ris an aiseag an-uiridh.
Ach chaidh airgead bho Chòmhdhail na h-Alba a chomharrachadh thar an dà Shamhradh seo tighinn airson na seirbheis ann an Ath-sgrùdadh nan Seirbheisean Aiseig.
Gheibh an t-seirbheis cuideachd beagan bhon Chomhairle.
Bidh an t-seirbheis a' ruith a-nis sia là san t-seachdain, Diardaoin gu Dimàirt, dà thuras san là.
Tha muinntir Dhiùra an dòchas gun toir an t-seirbheis luchd-turais a-steach gu Taigh na Creige, agus gun toir i cothrom do na Diùraich fhèin a dhol gu Tìr Mòr.
'S iad Urras Leasachaidh Dhiùra a tha a' ruith na seirbheis, agus cosgaidh ticead aon shlighe £20.