BBC Naidheachdan

Cùis-lagha mun bhàta-slaodaidh?

Published
image copyrightMCA
image captionChaidh bàta-slaodaidh a' Chuain Sgìth a thoirt às seirbheis o chionn cola-deug
Nì Comhairle na Gàidhealtachd rannsachadh feuch am faodadh iad Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a thoirt gu lagh airson stad a' chur air seirbheis a' bhàta-slàodaidh a bha stèidhichte ann an Steòrnabhagh.
Dh'aontaich comhairlichean aig coinneimh Diardaoin cumail orra ìmpidh a chur air an Riaghaltas am bàta a thilleadh.
Tha iad ag ràdh gu bheil sàbhailteachd aig muir ann an cunnart às aonais.
Chaidh an Anglian Monarch a' thoirt a-mach à seirbheis o chionn cola-deug.