BBC Naidheachdan

Coinneamh ga h-iarraidh mu Oighreachd a' Chrùin

Published
image copyrightbbc
image caption'S ann leis a' Chrùn a tha dàrna leth chladaichean na h-Alba
Tha ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mìcheal Foxley, ag iarraidh coinneimh san aithghearrachd le Rùnaire na h-Àrainneachd 's nan Gnothaichean Dùthchail an Alba airson beachdachadh air mar a ghabhas ùghdarras Oighreachd a' Chrùin, a thaobh grunnd na mara, a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadal.
Tha seo às dèidh do Ridseard Lochhead a ràdh gun robh iad air tòiseachadh ri coimhead ris a' ghnothach.
Tha Mìcheal Foxley ag ràdh nach bu chòir na cumhachdan a ghluasad à Lunnainn gu ruige Dùn Èideann, ach gum bu chòir an cur gu dìreach fo smachd sgìrean ionadal.
Thathas a' sùileachadh buannachd mhòir à cumhachdan Oighreachd a' Chrùin air grunnd na mara do choimhearsnachdan ionadal mu na cladaichean a thaobh cumhachd ath-nuadhachail agus eile.