Lìog Leòdhais agus na Hearadh gus tòiseachadh

Sgioba a' Bhac Image copyright Backfc.com
Image caption Sgioba a' Bhac

Tòisichidh lìog Ball-coise Leòdhais agus na Hearadh oidhche haoine is am Bac - a' bhuannaich an lìog an-uiridh - air falbh bhon taigh an aghaidh an Taobh Siar.

Anns na geamaichean eile, tha An Rubha a' cluich United, Na Hearadh a' cuir fàilte air Nis agus na Lochan a' dol an aghaidh Chàrlabhaigh.

A' rèir Chathraiche Chomunn Bhuill Coise Leòdhais is na Hearadh, Coinneach MacIomhair, bidh sgioba a' Bhac a-rithist gu math làidir am bliadhna.

A' coimhead ri geam na deireadh sheachdain thuirt e "Tha an Taobh Siar a' cluich math dha-rìreabh agus tha sinn a' coimhead ri sgioba a' Bhac.

"Math dh'fhaoidte gur iad a bhitheas sinn a' coimhead ris, bhon a bhuannaich iad an lìog an-uiridh, bidh iad an dòchas an aon rud a dheànamh am bliadhna."

Cò is urrainn stad a' chur orra

Coinneach MacIomhair a' smaoineachadh gur iad am Bac as coltaiche tiotal an lìog a thogail a-rithist ma tha. Ach cò is urrainn stad a chur orra bho bhith deànamh sin am bliadhna?

Thairis air an deich bliadhna a chaidh seachad, 's iad sgioba nan Lochan a th' air a bhi as làidire ann an Leòdhas.

Tha ceistean ge-tà, mun sgioba aca am bliadhna.

Tha manaidsear ùr, Roy Shirkie, os an cionn, is tha gu leòr de na cluicheadairean a bu shinne leithid, Don 'Lava' MacLeòid agus Iain 'Uig' Moireasdain air sgur a chluich.

Tha MacIomhair den bheachd gun cuir iad dùbhlan mu choinneamh a' Bhac 's iad a' coimhead ris an tiotal aca a' dhìon.

Dè eile ris a bheil e a' coimhead air adhart ris ma tha?

"Bi e inntinneach faicinn mar a thèid do mhanaidsear ùr nan Lochan is cuideachd, Càrlabhagh is sgioba Nis le cluicheadairean òga, saoilidh mi gur e seasan air leth a bhios ann."

Far an eilean bidh am Bac an dòchas gun tèid leotha ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd mar a chaidh an-uiridh, nuair a ràinig iad a' Chuairt Dheireannaich.

Gu mi-fhortanach dhaibh, chaill iad còig taghail gu h-aon an sin ri sgioba Avoch.

Shoirbhich le Càrlabhagh san fharpais sin cuideachd, a' faighinn chun an Iar-chuairt Dheireannach. Chaill iadsan ri Avoch cuideachd.

Tha e doirbh fhaicinn gun tèid sgioba bho fhear de na h-eileanan eile nas fhàide na sgiobaidhean Leòdhais agus na Hearadh san fharpais sin.

Image caption Cuairt Deireannach Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

Gu h-eachdraidheal tha sgiobaidhean bhon Chomunn sin air nas fheàrr a dhèanamh na feadhainn an Eilean Sgitheanaich neo Uibhist is Bharraigh.

Lìog an Eilein Sgitheanaich

Ma tha sgioba idir gu bhith soirbheachail bho lìog an Eilein Sgitheanaich, 's iad is dòcha Slèite/An Srath as coltaiche. Tha iad air 34 geama sreath a chèile a bhuannachadh san lìog thairis air an dà bhliadhna a dh' fhalbh.

Chaill iad san treas cuairt do Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd an-uiridh ge-tà.

Tha beagan atharrachadh air tighin air lìog an Eilean Sgitheanaich am bliadhna, le sgioba ùr innte. Le Geàrrloch & An t-Allt Beithe United san lìog tha aon sgioba deug ann, a' ciallachadh gu bheil Slèite/an Srath fhathast a' feitheamh gus geàm a' chluich.

Bhuannaich Geàrrloch & An t-Allt Beithe a' chiad geam aca san lìog ceithir tadhail gu h-aon agus chaidh gu math do Chaol Acainn cuideachd is iad a' deànamh a chùis air Gleann Eilg trì tadhail deug gu neonaidh.

Uibhist is Barraigh

Thòisich lìog Uibhist is Bharraigh aig an deireadh sheachdain cuideachd. Bha seachd tadhail 's na trì geamaichean air fad. Uibhist a Tuath a deànamh an gnothach air Southend.

Saints an Iochdar a' tighinn gu bàrr còig gu dhà an aghaidh Bheinn a' Faoghla agus 's e ceithir gu trì a bh'ann eadar Barraigh agus Eirisgeidh.