Co-labhairt air dìleab Chaluim Chille

Abaid Ìdhe Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh an abaid a th' ann ath-leasachadh san 20mh Linn

Bidh 1,450 bliadhna ann an ath-bhliadhna bho thàinig an Naomh Calum Cille gu Eilean Ì an toiseach ann an 563 AD.

Stèidhich an naomh manachainn san eilean, a tha an-diugh na h-abaid agus ann an làmhan na buidhne Alba Aosmhor, às dèidh mar a chaidh ath-thogail san 20mh Linn.

'S ann às a' mhanachainn sin a sgaoil a' Chrìosdaidheachd air feadh na h-Alba, le buaidh ann an Sasainn cuideachd.

Thèid co-labhairt a chumail ann an t-seachdain seo a bhios ag amas air rannsachadh a bhrosnachadh air Calum Cille.

Mairidh a' cho-labhairt fad na seachdain, agus coimheadar, am measg eile, air a' bhuaidh a bh' aig dùthchannan mar Èirinn agus Nirribhidh air ealain agus beatha na manachainn ann an Eilean Ì.

Coimheadar cuideachd an rathad eile, feuch dè a' bhuaidh a thug Eilean Ì air àiteachan eile ri linn a' mhanachainn a bhith ann.

A thuilleadh air a' thaobh chreidmheach dheth, coimheadar air atharrachaidhean neo-chlèireach, agus buaidh an Ath-leasachaidh air beatha an eilein, agus na tha de thraidisean mu Chalum Cille a tha fhathast beò san eilean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile