BBC Naidheachdan

Luchd-èiridinn ri fhastadh an Àird nam Murchan

Published
Tha Seirbheis Charbad-eiridinn na h-Alba a' sireadh luchd-obrach ann an Àird nam Murchan airson seirbheis mheidigeach èiginneach 24 uairean san là a thoirt seachad.
Thàinig gealltanas sa Ghearran gun rachadh sanasan a chur a-mach an dèidh iomairt làidir sa choimhearsnachd, nuair a thàinig an naidheachd gum biodh an sgìre air fhàgail gun seirbheis èiginnich sam bith.
Tha an stèisean carbaid-eiridinn as fhaisge air an sgìre còrr is 30 mìle air falbh ann an Sròn an t-Sìthein.
Gheall Rùnaire na Slàinte Nicola Sturgeon agus ceannard Seirbheis Charbad-eiridinn na h-Alba gun rachadh sanasan a-mach airson luchd-obrach ùr fhastadh.
Thathas a-nis a' sireadh fir-eiridinn làn-ùine a bhiodh stèidhichte ann an Cille Chòmhghain airson seirbeis 999 a thoirt seachad.
Thèid sianar eile às a' choimhearsnachd fhastadh a bhios ag obair pàirt-ùine agus gu saor-thoileach mar luchd-cobhair èiginneach.