Adhartas ann am foghlam Gàidhlig fo aois sgoile

Pàiste Image copyright Other
Image caption Tha a-nis faisg air 80 buidheann ann airson foghlam fo aois sgoile sa Ghàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gu bheil iad a' faicinn soirbheachaidh ann am foghlam chloinne fo aois na sgoile tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhliadhna a chaidh seachad.

'S e am Bòrd a tha a' ruith nan seirbheisean sin a-niste às dèidh dhaibh an obair a ghabhail os làimh bho Chomhairle nan Sgoiltean Àraich.

Chaidh 23 buidhnean ùra a chur air bhonn on uair sin, 's tha faisg air 80 dhiubh ann a-nis air feadh na h-Alba.

"Tha sinn gu math toilichte leis an àireimh a th' againn," thuirt Leasaiche Foghlaim 's Ionnsachaidh a' Bhùird, Màiri Nic 'illeMhaoil.

"Tha an àireamh a' fàs beag air bheag, agus tha sinn ag obair còmhla ris na h-ùghdarrasan ionadal, gu h-àraid airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig an 3-5 agus air adhart, agus a' coimhead air ciamar is urrainn dhuinne a bhith a' toirt phàrantan a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"An-dràsta, tha a' chuid as motha de na buidhnean ann an sgìrean far a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig mar thà, ged a tha buidheann no dhà air tòiseachadh far nach eil.

"'S e an t-amas a bhios againn a bhith ag obrachadh còmhla ris na h-ùghdarrasan ionadal sin thairis air an ath dhà no trì bliadhnaichean gus an tòisich iadsan air 3-5 agus bun-sgoiltean a stèidheachadh," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile