£20m airson pròiseict ath-nuadhachail

Tha cuireadh ga thoirt do bhuidhnean cumhachd ath-nuadhachail, tagradh a dhèanamh, airson maoin ùir luach £20m.

Tha an t-airgead ga chur air adhart le Riaghaltas Bhreatainn airson pròiseactan a leasachadh, airson cumhachd a thoirt às na tuinn.

Ged a tha grunn sheòrsaichean teicneòlais ann, cha deach leasachadh a chur air adhart fhathast aig ìre choimearsalta.

Thathas an dòchas gun toir an t-airgead ùr spionnadh dhan ghnìomhachas.

Pàighidh an t-airgead airson sreath de dh'innealan cumhachd mara a chur air adhart a bheireadh leasachaidhean mòra coimearsalta ceum nas fhaisge.

Tha timcheall air an dàrna cuid de chompanaidhean a tha a' leasachadh innealan cumhachd nan tonn 's an làin stèidhichte ann am Breatainn.

Nam measg tha AWS Ocean Energy a tha suidhichte ann an Alba.

Image copyright Other
Image caption Chan eil sgeama coimearsalta fhathast ann an Alba

Tha a' chompanaidh Pelamis Wave Power a' ruith dheuchainnean air an nathair-mhara acasan far chladaichean Arcaibh, 's tha plana aca aonad-cruthachaidh a stèidheachadh air chladaichean Bheàrnaraigh Leòdhais.

Tha pròiseactan san amharc far chladaichean Oighreachd Ghabhsainn cuideachd.

Thuirt fear de na stiùirichean aca, Tormod MacThòmais gum biodh e math nam biodh a' mhaoin na bu mhotha na £20m.

Tha luchd-rannsachaidh aig ionad Greenspace aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu mòr an luib leasachaidhean air cumhachd na mara.

Thuirt an t-Oll. Niall Fionnlasdan bhon bhuidhinn gu bheileas a' sìor chruinneachadh dàta mu staid nan suaileachean an iar air na h-Eileanan, 's gur e deagh naidheachd a bha san airgead.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile