NY2SY ga chur dheth bliadhna eile

  • Air fhoillseachadh
Niall Iain DòmhnallachTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Mgr Dòmhnallach ag amas air feuchainn a-rithist an ath-bhliadhna

Chan fheuch an craoladair Niall Iain Dòmhnallach ri bàta a iomradh tarsainn a' Chuain Shiar leis fhèin am bliadhna.

Bha e am beachd an t-astar eadar New York agus Steòrnabhagh a dhèanamh anns a' Chèitean, ach chaidh an turas a chur dheth.

Tha Mgr Dòmhnallach a' coireachadh mar a bha e doirbh dha airgead a chruinneachadh airson an turais.

Thuirt e gun robh mu £10,000 fhathast a dhìth airson a' phròiseict, air a bheil NY2SY.

'S ann gus airgead a thogail airson carthannais a chuir Mgr Dòmhnallach fhèin air bhonn - Scottish Association for Mental Health - a tha e ag amas air an turas a dhèanamh.

"'S e briseadh dùil a th' ann. Thàinig mi dhan cho-dhùnadh dìreach thairis air na làithean a chaidh," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"'S e a bh' ann dìreach gainnead airgid, agus aig an ìre seo cuideachd tha mi dìreach a' ruith a-mach à ùine - chan eil uinneag uabhasach mòr ann airson New York fhàgail.

"Bha e follaiseach dìreach o chionn ghoirid gur e an rud as glice agus as sàbhailte dìreach a chur dheth am bliadhna co-dhiù.

"Tha mi cinnteach gum faigh mi thairis air a' bhriseadh dùil a th' agam an-dràsta fhèin, ach tha fhios agam a-nis, air sgàth 's gu bheil mi cho faisg air an t-airgead fhaighinn gu lèir, agus gu bheil am bàta an ìre mhath deiseil, an ceann bliadhna bithidh sin agam agus tha mi cinnteach nach dèan bliadhna eile de thrèanadh 's de dh'ullachadh cron sam bith air a' phròiseact," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh