BBC Naidheachdan

Sitheann Rùim a' dol air a' mhargaid

Published
image captionTha tòrr rannsachaidh ga dhèanamh air fèidh an eilein
Tha muinntir Rùim an dòchas gum bi sitheann an eilein aca air a' mharcaid ro dheireadh an t-Samhraidh.
Fhuair Comann na Coimhearsnachd £10,000 bhon Chrannchur Mhòr an t-seachdain seo airson an iomairt aca a chur air chois, agus innealan a cheannach.
Tha iad den bheachd gum bi margaid mhòr dha-rìribh ann airson na feòla.
Thuirt Cathraiche a' Chomainn, Lesley Watt, gu bheil an t-eilean ainmeil airson fèidh ruadha agus tha luchd-turais tric a' foighneachd carson nach eil an cothrom aca sitheann-fèidh a cheannach.

Margaideachd

'S e sin a thug dhaibh am beachd gum bu chòir feuchainn air an fheoil a' mhargaideachd 's a reic.
"Tha an stòras seo againn, agus bu chòir rudeiginn a dhèanamh leis a bhitheas na bhuannachd dhan choimhearsnachd gu lèir," thuirt Mgr Watt.
"An-dràsta, tha sinn air ar cuingealachadh a thaobh na 's urrainn dhuinn a dhèanamh air an eilean, ach le seo, bidh comas againn airgead a dhèanamh as."
Tha an comann an dùil gun urrainn dhaibh leudachadh air a' ghnìomhachas.