Ross County a' dìreadh dhan SPL

Tha Ross County air a' Chiad Roinn a bhuinig agus air àite fhaighinn anns an SPL airson a' chiad turais ann an eachdraidh a' chluba.

Às dèidh do Queen of the South Dùn Dè a chumail aig tadhal an urra oidhche Mhairt tha e do-dhèanta do sgioba sam bith beireadh air 'na staggies'.

Tha 18 bliadhna bho thàinig Ross County bho Lìog na Gàidhealtachd chun an Treas Roinn. Bhon uair sin tha an cluba air an roinn sin a bhuinig, a bharrachd air an Dàrna Roinn agus a-nis a' Chiad Roinn.

Bha manaidsear na sgioba, Derek Adams, aig a' gheama ann an Dùn Dè air oidhche Mhàirt agus às dèidh làimh dh'innis e mu cho riaraichte 's a bha e leis an sgioba aige.

Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Tha Derek Adams a' dèanamh fiughair ris a' Phrìomh Lìg

"Tha County air adhartas a dhèanamh bho Lìog na Gàidhealtachd chun an SPL agus 's iad an aon sgioba a tha air sin a dhèanamh."

Chan eil Ross County ach air aona gheama lìge a chall am bliadhna agus bha e follaiseach gun robh seo na adhbhar moit do Adams.

"Chan eil mòran sgiobaidhean as urrainn a ràdh gun do bhuinig iad a' Chiad Roinn le còig geamaichean ri chluich.

Tha na cluicheadairean agam air a bhith fìor mhath. Tha iad air a bhith air leth."

Mhìnich stùiriche a bhuill-coise aig Ross County Seòras Adams, athair Derek Adams, mar a bha e fhèin a' faireachdain.

"Tha mi gu math moiteil às (Derek), na cluicheadairean, an luchd-obrach, na stiùrichean agus an luchd-taic. Tha iad uile air cuideachadh an t-sèasan seo agus tha sinn uile air a bhith air slighe mhìorbhailich còmhla."

A rèir riaghailtean an SPL tha aig Ross County ris an stadium aca a leudachadh agus tha na planaichean aca airson seo a dhèanamh. Air eagal 's nach coilean iad an obair-leudachaidh a tha seo ann an àm tha iad air aonta a ruighinn le Calley Thistle Inbhir Nis na geamaichean dachaigh aca a chluich ann an stadium Inbhir Nis.

Leis gu bheil Ross County a-niste air àite fhaighinn san SPL bidh cothroman ann air geamaichean an aghaidh Calley Thistle Inbhir Nis uair eile, rud a tha a' dèanamh toileachais do Sheòras Adams.

"Chan eil càil coltach ri geamaichean ionadal, 's e geamaichean prìseil a th' annta agus tha sinn a' dèanamh fiughair riutha."