Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha aithrisean ann à Siria gun deach cumail gu ìre mhòir ris an fhois-fhòirneirt a thòisich an sin sa mhadainn an-diugh. Gheall an Riaghaltas ann an Damascus, agus na reubaltaich gun cum iad ris a' phlana aig Tosgaire an UN Kofi Annan. Dh'iarr Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte, Dàibhidh Camshron, air an Ruis agus Sìona a-niste an taic a chur ris an oidhirp eadar-nàiseanta airson sìth ann an Siria.

Buidhnean Carthannais

Tha dragh air a' mhòr-chuid de bhuidhnean carthannais gum faigh iad nas lugha de dh'airgead leis gu bheil an Riaghaltas ag atharrachadh riaghailtean mu fhaochadh chìsean. Sa bhuidseat air a' mhìos a chaidh chaidh innse nach fhaod daoine a tha a' cosnadh còrr is £200,000 gach bliadhna faochadh chìsean fhaighinn ach air nas lugha den chàirteal chuid de an teachd-a-steach. Thuirt an Riaghaltas gun èist iad ris na tha na buidhnean carthannais agus saor-thoileach ag ràdh.

Eaconamaidh na h-Alba

Thuirt Seòmraichean Malairt na h-Alba gu bheil cùisean a' coimhead nas fheàrr dhan eaconamaidh. Tha sgrùdadh a rinn a' bhuidheann ag ràdh gu bheil tionnsgalachd agus turasachd a' tighinn air adhart gu math, ach gu bheil cùisean fìor dhoirbh fhathast do ghnìomhachas togail, agus gum feum Riaghaltas na h-Alba coimhead air dòighean air an gabh sin leasachadh.

Àird nan Saor

Dh'innis na h-uidhir de chompanaidhean mòra eadar-nàiseanta gu bheil sùil aca ann an leasachadh aig seann ghàradh ola Àird nan Saor faisg air Inbhir Nis mar mheadhan airson gnìomhachas cumhachd ath-nuadhachail. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil rannsachadh mionaideach a' dol air adhart air an làraich an-dràsta a bha ron a seo air a chomharrachadh airson taighean spaideil agus marina.

Seirbheis a' Phuist

Tha dragh sna h-Eileanan an Iar mun bhuaidh air a' choimhearsnachd nam biodh seirbheis a' Phuist Rìoghail anns an roinn phrìobhaidich. 'S e an dragh as motha gum biodh prìs stèidhichte air dè an t-astar a bhiodh am post a' siubhail, agus gun cuireadh sin cosgaisean suas gu mòr. Tha an Riaghaltas an dùil tòiseachadh as t-Fhoghair an ath-bhliadhna air a' phròiseas fo an cuireadh iad am Post Rìoghail dhan roinn phrìobhaidich.

Rathad an t-Sròim

Tha dùil gum fosgail seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois seachdain Diluain seo tighinn, an 23mh là den mhìos. Tha an trafaig an-dràsta a' dol air an loidhne rèile airson pàirt den t-slighe, ach tha sin dùinte do charbadan anns a bheil còrr is 7.5 tunna de chuideam. Bho an earrar bidh an rathad fosgailte aig amannan tron là, agus tha Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gum fosgail e gu lèir seachdain Diluain.

Bochdainn

Tòisichidh iomairt ùr sna h-Eileanan an Iar airson gum faigh daoine na sochairean sòisealta air a bheil iad airidh. Tha dragh ann nuair a dh'atharraicheas siostam na taic a dh'aithghearr gum bi tàire aig daoine lìonadh bhileagan iarrtais agus a' mothachadh dha na sochairean a bu chòir dhaibh a bhith a' faighinn.