Dùil ri co-dhùnadh air SAC Bharraigh

Caolas Bharraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha mòran anns an sgìre a cur an aghaidh nan SAC gu tur

Tha a h-uile coltas gum bi co-dhùnadh ann air sgìre ghlèidhte mhara (SAC) ann an Caolas Bharraigh ro thoiseach an Fhoghair.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid èisteachd ri feumalachdan eaconamach, sòisealta agus cultarail na sgìre mus tèid a stèidheachadh.

Tha iad cuideachd ag ràdh gun tèid sgìrean dìon mara (MPA) a stèidheachadh sa Chuan Sgìth ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Tha sin a' cur dragh mòr air iasgairean, leis gu bheil tè dhiubh a' gabhail a-steach tè de na sgìrean as fheàrr airson iasgach a' mhaosgain-chaoil.

Thèid còmhraidhean a chumail ann an Uibhist a Deas agus ann am Barraigh mu dheidhinn na tha muinntir an àite ag iarraidh fhaicinn anns an SAC, agus mar a thèid a stiùireadh.

Tha dùil ri fiosrachadh deireannach bho Dhualchas Nàdair na h-Alba ro dheireadh na h-Ògmhios, agus tha dùil gum bi an gnothach air aontachadh gu lèir ro dheireadh an t-Samhraidh.

Nì a' Phàrlamaid co-dhùnadh air an SAC cho luath 's is urrainn dhaibh às dèidh sin.

Tha mòran ann am Barraigh agus an Uibhist a Deas air cur an aghaidh an SAC - agus tè eile faisg air Miughlaigh - a bhith a' dol air adhart idir, agus iad draghail gun cuireadh e stad air cleachdaidhean traidiseanta co-cheangailte ri obair fearainn, agus air leasachaidhean eaconamach.

Tha an Riaghaltas air a ràdh roimhe gum feum iad na sgìrean a chomharrachadh fo laghan an Aonaidh Eòrpaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile