Piseach air bann-leathann na Comraich

A' Chomraich Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha daoine sa choimhearsnachd a' gearain mu cho lag 's a tha an t-seirbheis a tha iad a' faighinn

Thòisich buidheann choimhearsnachd air a' Chomraich a' rannsachadh feuch an gabh leasachadh a thoirt air seirbheis a' bhann-leathainn san sgìre.

Tha mòran air a bhith a' gearain mun t-seirbheis a th' aca an-dràsta agus iad ag ràdh nach eil i cho luath 's a bu chòir, agus gum bi i a' dol dheth gu tric.

Tha a' chompanaidh choimhearsnachd a-nis a' coimhead feuch an tèid aca fhèin air sgeama ùr eadar-dhealaichte a chur an sàs.

"Tha sinne a' faireachdainn gu bheil an t-seirbheis caran lag, agus uaireannan bidh e a' stad, bidh e briste, agus tha e a' toirt uaireannan beagan ùine dhan chompanaidh a tha ga ruith cùisean a chur ceart," thuirt Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach san sgìre.

Companaidhean Mòra

"Tha sinne ann an sgìre cho dùthchail, a' faireachdainn nach eil seirbheis againn a tha cho math ris na bailtean mòra.

"Tha e cudromach gum bi deagh sheirbheis againn air iomadh adhbhar.

"Tha an t-uabhas de dhaoine air gluasad a-steach thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, agus a bharrachd air sin tha daoine a tha a' fuireach an seo fad an t-siubhail a-nis a' tuigsinn cho cudromach 's a tha seirbheis bhann-leathainn, gun urrrainn dhaibh an uiread de rudan diofraichte a dhèanamh.

"Chan ann dìreach cur-seachadan no a bhith a' ceannach rudan air-loidhne, ach a bhith a' cumail ghnìomhachasan a' dol agus a' cumail conaltraidh ri buidhnean air an taobh a-muigh. Tha e fìor mhath airson sanasachd.

"Tha taigh-òsta gu math ainmeil againn an seo, agus taighean bìdhe gu math ainmeil, agus dhaibhsan gu sònraichte, tha e cudromach gun urrainn dhaibh an teachdaireachd aca a sgaoileadh.

"Airson àite mar seo a chumail a' dol tha feum againn air sluagh a chumail ann, agus ma tha ceanglaichean agus conaltradh nas fhasa air an eadar-lìon, tha sin a' ciallachadh gum bi a' Chomraich nas treasa a' dol air adhart.

"Bha companaidh na coimhearsnachd agus comhairle na coimhearsnachd a' coimhead air cho dona 's a bha an suidheachadh a thaobh a' bhann-leathainn, agus tha iadsan air a bhith a' rannsachadh fuasgladh a dh'fhaodadh a bhith ann dhan choimhearsnachd air fad.

"Chan ann dìreach ann an ceann a deas na Comraich far a bheil taigh-cheangal an-dràsta airson fònaichean, ach anns a' cheann a tuath cuideachd.

"Tha e gu sònraichte cudromach dha na daoine air a' chosta, oir tha iadsan nas fhaide air falbh on taigh-cheangal, 's mar sin tha ceangal nas laige acasan.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil fuasgladh gu bhith ann, 's dòcha siostam a bhios a' toirt siognail a-steach bho àiteachan eile agus a bhith ga sgaoileadh a-mach air a' Chomraich bho seòrsa de phuing anns a' mheadhan mar gum biodh.

"Cha bhi companaidhean mar as trice deònach cus a dhèanamh ann an sgìre cho dùthchail gun a bhith a' faicinn gu bheil iarrtas ann bhon choimhearsnachd.

"Mar thoradh air sin, tha e cudromach gu bheil coimhearsnachd a' tighinn còmhla, agus gun urrainn dhaibh an aon teachdaireachd a sgaoileadh dha na companaidhean mòra ainmeil, gu bheil sinne airidh air seirbheis a tha a' cheart cho math ris na bailtean mòra," thuirt e.