Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha na Dùthchannan Aonaichte a' beachdachadh air luchd-sgrùdaidh a chur gu ruige Siria agus dragh ann nach eil an fhois-fhòirneirt a thòisich an-dè ro sheasmhach. Tha aithrisean ann air sabaid ann an diofar sgìrean, agus tha tosgaire eadar-nàiseanta an UN, Kofi Annan, ag ràdh nach do ghluais arm an Riaghaltais a-mach às na bailtean mar a gheall iad mar phàirt den phlana airson sìth.

Coirea a Tuath

Tha dùthchannan eile a' càineadh Coirea a Tuath a chuir rocaid dhan iarmailt. Tha e coltach gun do sprèadh an rocaid na pìosan os cionn na mara. Thuirt an t-Aonadh Eòrpach gur e rud fìor chunnartach a rinn Coirea a Tuath, agus thuirt na Stàitean Aonaichte gu bheil an Riaghaltas ann am Pyong Yang a' cosg an cuid airgid air armachd fhad 's a tha an t-acras air sluagh na dùthcha.

Burma

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron ann am Burma an-diugh - a' chiad turas bho chionn iomadh bliadhna a tha ceannard dùthcha bhon taobh siar air tadhal air an dùthaich sin. 'S e a' chiad phrìomhaire Bhreatannach a th' air a bhith ann am Burma bho fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd ann an 1948. Choinnich e ris a' Cheann-suidhe 's bidh còmhraidhean aige ri Aung San Suu Kyi, ceannard a' phàrtaidh a tha a' strì airson deamocrasaidh.

SAC

Tha coltas ann gun tèid sgìre ghlèidhte aig muir a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh ro dheireadh na bliadhna seo ged nach eil a' mhòr-chuid de mhuinntir na sgìre ga h-iarraidh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach tàinig iad gu co-dhùnadh deimhinnte fhathast, ach tha e air tighinn am follais gu bheil iad ag ullachadh plana-stiùiridh airson na sgìre, agus thuirt iad gun tèid Sgìrean Dìon Mara a chur a-mach anns a' Chuan Sgìth ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Bearsden

Tha poilis fhathast air làrach seann tuathanais faisg air Bearsden, tuath air Glaschu. Dhearbh na Poilis na bu tràithe an-diugh gun d'fhuair iad luchd de ghunnachan agus peilearan ann an sgìre Killermont, agus sgioba de chòrr is 20 oifigear poilis air a bhith an sin fad na h-oidhche.

Am Freiceadan Dubh

Thill a' bhuidheann mu dheireadh de shaighdearan an Fhreiceadain Duibh às turas a dh'Afganastan gu ruige Gearastan Dheòrsa faisg air Inbhir Nis. Bha battalion de chòrr is 400 dhiubh uile gu lèir air a bhith ann an sgìre Helmand o Dhamhair an-uiridh. Bidh sreath de chaismeachdan a' tòiseachadh ann an Inbhir Nis an ath-sheachdain, a' comharrachadh gu bheil iad air tilleadh.