Am Freiceadan Dubh air tilleadh dhachaigh

Saighdearan an Fhreiceadain Duibh
Image caption Bha am battalion ann an sgìre Helmand fad sia mìosan

Tha a' bhuidheann mu dheireadh de shaighdearan an Fhreiceadain Duibh air tilleadh on turas aca an Afganastan.

Tha iad a-nis air ais aig Gearastan Sheòrais faisg air Inbhir Nis, às dèidh sia mìosan ann an sgìre Helmand, an ceann a deas Afganastan.

Bha am battalion de chòrr is 400 saighdear an sàs ann an trèanadh feachdan tèarainnteachd na dùthcha.

Thèid sreath de chaismeachdan a chumail ann an diofar bhailtean - Inbhir Nis, Foithir Fàire, Cathair Challdainn, Dùn Dè agus Peart - gus taing a thoirt do an càirdean airson na taic a thug iad dhaibh fhad 's a bha iad thall.