Teine mòr Àird nam Murchan

  • Air fhoillseachadh
Teine Àird nam MurchanTùs an deilbh, Stewart Pote
Fo-thiotal an deilbh,
Thòisich an teine ann an Achadh Osnaich feasgar Disathairne

Thàinig air daoine ann an Àird nam Murchan an dachaighean fhàgail air an deireadh sheachdain, 's iad air an cuairteachadh le teine monaidh.

Thòisich an teine ann an Achadh Osnaich faisg air Taigh-solais Àird nam Murchan feasgar Disathairne is sgap e chun ear a dh'ionnsaigh Cille Chomghain.

Bha luchd-smàlaidh bho 9 stèiseanan a' strì gus smachd a chur air son 24 uairean a thìde, cuid dhuibh a' tighinn bho cho fad air falbh ri Farrais.

Ged nach deach duine a ghoirteachadh b'fheudar do chuid ann an Achadh Osnaich teicheadh às na taighean aca.

Chaidh mu thrì cilemeatairean ceàrnagach de thalamh mhòinteach a losgadh 's chaidh cuid do loidhnichean fòn timcheall air Port Uairce a mhilleadh.

Chaidh aig an luchd-smàlaidh air an teine a chur às feasgar Didòmhnaich.