Leudachadh air obair Ghreenspace

Colaiste a' Chaisteil Image copyright Other
Image caption 'S ann aig Colaiste a' Chaisteil an Leòdhas a tha pròiseact rannsachaidh Greenspace stèidhichte.

Tha a' bhuidheann rannsachaidh Greenspace air ceum air adhart a ghabhail 's iad air companaidh ùr a chur air bhog.

'S ann aig Colaisde a' Chaisteil ann an Leòdhas a tha Greenspace stèidhichte.

Thuige seo bha iad a' dèanamh rannsachaidh air mar a ghabhas cumhachd ath-nuadhachail is oidhirpean air gasaichean carbon a lùghdachadh a chur gu feum ann a bhith a' dealbh thogalaichean.

Tha a' chompanaidh ùr a' tighinn às an rannsachadh sin is bidh e neo-eisimeileach bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Reicidh i stuth airson an eadar-lìn a dhealbh Greenspace, stuth a chuidicheas togalaichean a dhealbh ann an dòigh a tha math dhan àrainneachd.

Luchd-obrach

Thèid luchd-obrach a bharrachd fhastadh mu choinneamh an leasachaidh.

Tòisichidh iad le sianar ach thathas an dòchas suas ri deichnear a bharrachd fhastadh anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Dh'aidich fear de stiùirichean Greenspace, Dòmhnall MacRisnidh, gu bheil dùbhlan mun coinneamh ach thuirt e gu bheil e dòchasach gun soirbhich leotha.

"Tha sinn air an ionmhas a thogail son a' chiad bhliadhna gu h-àraid, airson 's gum faigh sinn air seo a chur air a chasan.

"Tha fios againn gu bheil daoine ùra a dhìth oirnn airson an stuth a th'againn a reic agus airson margaidheachd, agus gheibh sinn na daoine sin a-steach agus nì sinn adhartas", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile