Mì-chinnt mu hydro na Comraich

A' Chomraich
Image caption Tha Companaidh Coimhearsnachd na Comraich airson sgeama hydro a stèidheachadh sa sgìre.

Coinnichidh riochdairean bho choimhearsnachd na Comraich ris a' chòmpanaidh Scottish and Southern Energy 's iad a' feuchainn ri sgeama hydro a chur air bhonn san sgìre.

Thòisich Companaidh Coimhearsnachd na Comraich an oidhirp gus an sgeama a stèidheachadh bho chionn trì bliadhna.

Bhiodh e stèidhichte ann an Allt Breugach faisg air làraich campachaidh na sgìre is thathas a' sùileachadh gum biodh e comasach air còrr is 100 KW den chumhachd a rachadh a chruthachadh gach bliadhna a reic ris a' ghriod nàiseanta.

Tha iad an dòchas suas ri £30,000 a chòsnadh gach bliadhna bhon sgeama, is tha dùil aca gum maireadh e fad co-dhiù 25 bliadhna.

Dh' innis SSE dhan chompanaidh mar-thà gun còsgadh e suas ri £700,000 gus ceangal ris a' ghriod nàiseanta.

Daor

Tha a' chòmpanaidh choimhearsnachd ag ràdh gu bheil sin fada ro dhaor, is nach robh dùil acasan ach mu £100,000 a phàigheadh.

Thuirt SSE gu bheil roghainnean eile ann a bhiodh na bu shaoire, ach nach gabhadh na h-uidhir an uairsin a chur ris a' ghriod.

Bhiodh sin cuideachd a' ciallachadh nach biodh prothaid na companaidh coimhearsnachd cho mòr.

Coinnichidh a' chompanaidh choimhearsnachd ri SSE ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Thuirt a' chompanaidh choimhearsnachd gu bheil iad dòchasach gun gabh fuasgladh a lorg is gu bheil oidhirpean a' leantainn gus taic-airgid fhaighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile