Companaidh Iapanach am Bàgh an Eige
- Air fhoillseachadh

Bidh earrann mhòr aig companaidh à Iapan anns a' chompanaidh Global Energy, leis a bheil gàradh Bhàgh an Eige air Caolas Chrombaidh.
Chaidh an naidheachd gum bi Mitsui ag obair còmhla ri Global Energy fhoillseachadh is Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, a' tadhal air Iapan an-drasta.
Cheannaich Global gàradh Bhàgh an Eige an-uiridh.
Cruthaichidh iad fhèin agus Mitsui companaidh eadar iad a bhios an-sàs ann an cumhachd na mara agus obair na h-ola agus a' ghas.
'S ann le Mitsui, a tha an sàs an obair stàilinn, a bhios 25% den chompanaidh.
Fon aonta bidh dithis bho Mitsui air bòrd-stiùiridh Global Energy.
Thuirt cathraiche Global, Roy MacGriogair, gu bheil an t-aonta a' sealltainn cho dìcheallach agus cho sgileil sa tha an luchd-obrach aca.
Dh'innis Noboru Katsu bho Mitsui nach robh iad an dùil dìreach a bhith a' cur airgead ann an Global Energy, ach a bhith ag obair còmhla riutha gus fàs a thoirt air a' bhuidhinn gu h-eadar-nàiseanta.
Bidh timcheall air 600 duine ag obair aig a' chompanaidh ùir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt 2012