Cead do thaigh-staile

  • Air fhoillseachadh
Dealbh de phlana Adelphi.Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Togaidh a' chompanaidh Adelphi taigh-staile ann an Àird nam Murchan.

Thug comhairlichean cead seachad do phlanaichean son taigh-staile ann an Àird nam Murchan.

'S iad a' chompanaidh Adelphi a chuir na planaichean air adhart son leasachadh sa Ghleann Bheag.

A rèir na companaidh bhiodh mu 100 obraichean an lùib na h-obrach togail agus an uairsin 10 san taigh-staile fhèin nuair a bhiodh e deiseil.

Dh'fhaodadh an goireas 20,000 duine a thàladh dhan sgìre gach bliadhna, tha iad ag ràdh.

Chuir comhairlichean dàil air co-dhùnadh air a' mhìos a chaidh is iad son tadhal air an làraich an toiseach.

Fhuair a' Chomhairle 105 litir a bha a' cur taic ris a' phlana, is 52 a bha na aghaidh.

Ghabh comhairlichean turas dhan làraich Dimàirt, agus as-dèidh làimh bhòt iad gu h-aona ghuthach son cead a thoirt dhan leasachadh.

Thuirt Adelphi gu bheil iad an dùil obair a thòisicheadh cho luath sa ghabhas.

Dh'aidich iad ge-tà nach tèid aca air an taigh-staile fhosgladh as t-samhradh an ath-bhliadhna, mar a bha iad an dòchas bho thùs.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh