BBC Naidheachdan

Taigh-tasgaidh Shiaboist

Published
image copyrightOther
image captionChaidh an taigh-tasgaidh a stèidheachadh bho chionn deich bliadhna fichead
Cumar coinneamh phoblach ann an Siabost oidhche Mhàirt a dh'fhaicinn a bheil ùidh aig a' choimhearsnachd ann a bhith a' gabhail thairis seann togalach an taigh-tasgaidh.
'S ann le Comhairle nan Eilean Siar a tha an togalach ach tha iad a-nis ga reic, as dèidh do mhòran dhen stuth a bh' air a thaisbeanadh ann a bhith air a ghluasad gu togalach eile - Ionad na Seann Sgoile.
Tha cuid de stuth fhathast air fhàgail anns an togalach ge-tà seach nach eil rùm ann dha anns an togalach eile.

Càradh

Tha seann togalach an taigh-tasgaidh, a bha uair na eaglais, a-nis feumach air obair-càraidh.
Thuirt Ruaraidh Moireasdan bhon Chomunn Eachdraidh gu bheil iad mar-thà air iarraidh air eòlaiche coimhead ris an togalach agus nach eil e ann an stait cho dona 's a bha iad an dùil.
"Bha e mìorbhaileach math air a dhèanamh agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn air sin a dhèanamh fhathast", thuirt e.
Thèid buidheann-stiùiridh a chur air chois aig a' choinneimh, mas e 's gu bheil a' choimhearsnachd airson feuchainn ri ghabhail thairis.
Thuirt Mgr Moireasdan gu robh na planaichean fhathast aig ìre gu math tràth 's ceist ann fhathast cò às a thigeadh an t-airgead airson an togalach a cheannach agus a leasachadh.
Thuirt e ge-tà, seach gur e togalach clàraichte a th' ann, gu robh e dòchasach gum faigheadh iad cuideachadh bho bhuidhnean glèidhteachais an leithid Alba Aosmhor.