Arctic Convoys gan comharrachadh

Image copyright Other
Image caption Thèid na fiolmaichean a thaisbeanadh ann an Talla-bhaile an Uillt Bheithe.

Thèid fiolmaichean is dealbhan de na h-Arctic Convoys a thaisbeanadh dhan phoball son a' chiad uair, ann an talla-bhaile an Uillt Bheithe.

Bidh an taisbeanadh ann mar phàirt de sheachdain shònraichte air Taobh Siar Rois son na convoys a chomharrachadh.

'S ann a bha na h-Arctic Convoys air leth cudromach ann a bhith a' toirt bìdh, armachd agus stòras eile dhan Ruis san dàrna chogadh, fhad 's a bha i an sàs ann an sabaid chruaidh an aghaidh nan Gearmailteach.

Cunnart

Eadar 1941 agus 1944, bha soithichean a' dol air ais 's air adhart eadar Breatainn is Innis Tìle gu ruige na Ruis, agus daonnan fo chunnart gum faodadh na Gearmailtich ionnsaigh a thoirt orra.

Chaill còrr is 3000 seòladair am beatha anns na convoys.

Bhiodh na soithichean a' cruinneachadh ann an Loch Iùbh ro na tursan aca agus tha an ceangal aig an sgìre ris na convoys ann fhathast, is oidhirp ann taigh-tasgaidh a stèidheachadh air Taobh Siar Rois.

Bidh Seachdain an Dàrna Cogaidh is na h-Arctic Convoys ann san sgìre eadar an 7mh is an 12mh den Chèitean.

Dìomhair

Am-measg na bhios ri fhaicinn bidh fiolmaichean is dealbhan de na convoys, cuid a bha air an clàradh gu dìomhair aig an àm is nach deach fhaicinn ann am Breatainn a-riamh ron a seo.

Thuirt Iar-chathraiche Pròiseact Taigh-Tasgaidh na h-Arctic Convoys, Jacky Brookes, gu bheil barrachd is barrachd a' nochdadh.

"S e measgachadh a tha seo de dh'fhiolmaichean oifigeil a bh'againn a-cheana, ach feadhainn eile cuideachd a nochd às dèidh a' chogaidh.

"Tha fear againn a chaidh a chlàradh air tè de na soithaichean air camara dìomhair.

"Cha deach cuid den stuth seo fhaicinn gu poblach ron a seo", thuirt i.

Thèid na fiolmaichean a thaisbeanadh ann an Talla-bhaile an Uillt Bheithe, togalach a chaidh a thogail sa chogadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile