C.diff aig an Rathaig Mhòir
- Air fhoillseachadh
Chaidh uàrd a dhùnadh ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis is Clostridium difficile air triùir de na h-euslaintich.
Bha an triùir ann an uàrd 2C far a bheil cùram ga thoirt seachad do dh'euslaintich air a bheil aillse.
Chaidh a' chiad chùis a dhearbhadh aig deireadh a' Mhàirt, is an darna tè aig toiseach a' Ghiblein.
Nochd a' chùis as ùire Disathairne.
Tha an trìuir a-nise gan cumail air leth bho euslaintich eile.
Bristeadh-dùil
Dh'aidich fear-labhairt an ospadail, an Dotair Rod Harvey, gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann gu bheil cùis eile den ghalar air nochdadh san ospadal.
Chaidh uàrd a dhùnadh san Fhaoilleach is C.diff air nochdadh ann, is chaidh uàrd eile a dhùnadh sa Ghearran.
Dh'innis an Dr. Harvey gun tèid glanadh a dhèanamh nas trice san ospadal agus nach tèid cuid de h-antibiotics a thoirt seachad.
Gheall e cuideachd gun tèid sgrùdadh farsaing a dhèanamh air feadh an ospdadail gus nach sgap an galar.
Thuirt an Dotair Rod Harvey gu bheil glè bheag de chunnart ann do dh'euslaintich eile, luchd-obrach, no daoine a tha a' tadhal air an àite.
Thuirt e gum bu chòir do dhaoine a bha nan euslaintich san ospadal is a tha amharasach gum faodadh C.diff an bhith orra, fios a chur gu NHS 24 air neo an dotair aca fhèin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 Am Faoilleach 2012