Deireadh linn an Achadh na Sìne

  • Air fhoillseachadh
Oifis Puist Achadh na Sìne
Fo-thiotal an deilbh,
Tha oifis puist air a bhith ann an Achadh na Sìne son cha mhòr 150 bliadha.

Dùinidh Oifis a' Phuist ann an Achadh na Sìne an-diugh, as dèidh faisg air 150 bliadhna.

B' e seo tè de na prìomh oifisean puist air Taobh Siar Rois, oir 's ann innte a bhathar a' cur nan litrichean ann an ordugh airson bailtean suas ri 50 mìle air falbh.

Tha an t-seirbheis a' tighinn gu crìch air sgath 's gu bheil Gill Ross, a bha ga ruith, a' fàgail a dreuchd as dèidh 19 bliadhna.

Tha i air a bhith a' feuchainn ris an oifis a reic bho chionn ceithir bliadhna, ach cha robh duine airson a cheannach.

Call

Tha i ag ràdh gur e call a bhios ann dhan sgìre.

"Chan e dìreach oifis puist a bha seo - bha daoine a' tighinn a-steach son cabadaich, 's e àite cudromach a bh' ann dhan choimhearsnachd, mar a tha oifisean puist ann an sgìrean iomallach", thuirt i.

Buille

Tha Dena Ross am-measg na bha a' frithealadh oifis a' phuist.

Tha i a' cumail a-mach gur e buille eile a th'ann dhan àite

"Chaill sinn an eaglais, chaill sinn an taigh-osta, is an uairsin dhùin iad an sgoil.

"S e an aon àite a bha fosgailte fad na bliadhna, 's e oifis a' phuist.

"Feumaidh sinn dìreach cumail a' dol agus obair nas cruaidhe son na rudan a th' againn a chumail", thuirt i.

Bidh seirbheis oifis puist fhathast ri faighinn ann an Achadh na Sìne, son dà uair a thìde gach seachdain ann an talla a' bhaile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh