Caismeachd an Fhreiceadain Duibh

Saighdearan an Fhreiceadain Duibh
Image caption Saighdearan a' caismachd tro Inbhir Nis

Bha saighdearan an Fhreiceadain Duibh a' caismeachd tro Inbhir Nis Diciadainn 's iad a' comharrachadh crìoch an turais aca a dh'Afganastan.

Thill na saighdearan, a tha stèidhichte aig Dun Deòrsa faisg air Inbhir Nis, air ais dhachaigh aig deireadh na seachdainn a chaidh, as dèidh dhaibh sia mìosan a chur seachad ann an sgìre Helmand.

'S e a bhith a' trèanadh feachdan Afganach airson uallach na tèarainteachd a ghabhail os làimhe an obair as motha anns an robh iad an-sàs.

Bha feum mhòr air an sin 's dùthchannan NATO a' dèanamh deiseil airson tarraing a-mach às an dùthaich.

Taic

Tha na saighdearan, bhon treas batàlian de Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba, gu bhith a' caismeachd tro dhiofar bhailtean ann an Alba airson taing a thoirt dhan phoball airson an taic a thug iad dhaibh.

Nochd sluagh mòr ann am meadhan a' bhaile airson fàilte a chur air na saighdearan.

B' ann ann an 2009 a rinn iad caismeachd tro Inbhir Nis mu dheireadh.

Bidh caismeachdan eile ann am baile Fharfair agus ann an Cathair Challdainn Diardaoin, agus ann an Dùn Dè agus Peairt Dihaoine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo