Adhartas mòr Shrath Chura

  • Air fhoillseachadh
Strath Chura an 1964Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Na Ruiseanaich ann an Srath Chura ann an 1964.

Tha cluba iomain Srath Chura air ceum mòr air adhart a ghabhail is iad air gluasad gu pàirc ùr sa bhaile.

Son iomadh bliadhna 's ann a bha Srath Chura a' cluich air a' phàirc aig Taigh Mòr Shrath Chura.

'S e pàirc car cnocach a th' innte, ach bha i ainmeil gu leòr san spòrs.

'B ann le Sir Fitzroy MacIlleathainn a bha an taigh mòr, is dh'fhàg sinn feadhainn bho iomadach ceàrnaidh a' tadhal air Còmhall.

Pravda

Nam measg, ann an 1964, bha Rùnaire Cèin an USSR, Gromyko, am Prìomhaire Kosygin, agus mac Krushev, a bha na dheasaiche air a' phaipear-naidheachd Pravda aig an àm.

Bha an trìuir an làthair aig a' phàirc son Cuairt Dheireannach Chupa Mhic an t-Sutharlanaich ann an 1964, is thill iad air ais a Mhoscow le camain nan cois.

Bha sgioba na sgìre iad fhèin an lùib iomadh geama clìuteach cuideachd.

Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Srath Chura is Caol Bhòid ann an Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd ann an 1983. (Dealbh le Dòmhnall MacAoidh bho Thasglann na Gàidhealtachd).

Chaidh cruth atharrachadh a thoirt air Cupa na Camanachd ann an 1983 agus an fharpais a' dol buileach fosgailte son a' chiad uair.

Chun sin, 's ann a bha na sgiobaidhean a b'fheàrr sa cheann a tuath agus an ceann a deas a' coinneachadh sa chuairt dheireannaich.

Nuair a chaidh an fharpais a dhèanamh nàiseanta bha dùil gur e sgiobaidhean bho thuath a thigeadh am bàrr.

Iongnadh

Chuir e iongnadh air a h-uile duine ma-thà nuair a chuir Srath Chura, nach robh riamh air a' chuairt mu dheireadh a ruighinn, Baile Ùr an t-Slèibh a-mach san iar-chuairt dheireannaich.

Thàinig an sgioba glè fhaisg air an fharpais a bhuannachadh cuideachd, le na nàbaidhean aca Caol Bhòid a' cur dà thadhal anmoch sa gheama son glèidheadh 3-2.

B' e àm soirbheachail a bh'ann dhan chluba ge-tà is iad a' togail Chupa Chomunn Cheilteach Ghlaschu ann an 1982 is 1985.

Bha iad cuideachd a-measg nan sgiobaidhean a fhuair àite ann am Prìomh Lìog Nàiseanta na Camanachd nuair a chaidh a stèidheachadh an tòiseach anns na 90'an.

Tha an cluba air a dhol air ais rud beag bhon uair sin is bha faireachdainn sa choimhearsnachd san fharsgaineachd cuideachd gun robh iad feumach air goireasan spòrs na b' fheàrr.

Fearann

Fhuair Companaidh Leasachaidh Sgìre Shrath Chura sealbh air pìos fearainn aig Srath Chura Mòr.

As dèidh obair mhòr a mhair 10 bliadhna tha an goireas a-nis deiseil, is dùil gum bi e gu buannachd na coimhearsnachd air fad.

Chluich an cluba camanachd a' chiad gheama aca oirre aig toiseach na mìos.

Nochd sluagh mòr is bha e iomchaidh gun do chomharraich Srath Chura an là le bhith a' buannachadh 2-1 an aghaidh Obar Dothair.

Bha rùnaire a' chluba, Cailean Camshron, a-measg na rinn toileachas ris a' phàirc ùr.

"Dhomh-sa, mar Churach agus mar fhear a chluich dhan sgioba, 's e rud sònraichte math a tha seo".

"Tha sinn gu mòr an dòchas gur e goireas math a bhios seo dha iomain is spòrs san fharsaingeachd gu Còmhall agus gu dearbh nas fharsaing na sin", thuirt e.

Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu aig Srath Chur Mòr son a' chiad gheama - is dearbhadh gun tèid a' chuairt dheireannach a chluich an sin am bliadhna.

Cha b' fhada gus an tàinig barrachd dheagh naidheachd, le dearbhadh gun tèid Cuairt Dheireannach Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu am bliadhna a chluich air a' phàirc.

"Tha sinn a' faicinn an seo buaidh na h-obrach cruaidhe a rinn sinn", thuirt Cathraiche na Companaidh Leasachaidh, Dùghlas Currie.

"Tha goireas againn san sgìre seo a-nis son geamaichean mòra spòrs aig ìre ionadail is nàiseanta", thuirt e.

Le Srath Chura iad fhèin air ais am bliadhna sa Chiad Lìog a Deas, tha iad dòchasach gum bi sgioba aca sna bliadhnaichean ri tighinn a tha a cheart cho math ris a' phàirc ùr air am bi iad a' cluich.