Litrichean gaoil sa Chanàl Chailleanach

Litir gaoil Image copyright Other
Image caption 'S ann gu Miss S R Paterson a bha na litrichean

Chaidh bogsa sgrìobhaidh agus litrichean gaoil a lorg anns an uisge sa Chanàl Chailleanach faisg air Dabhach Gairbheach san Dùbhlachd an-uiridh.

Am broinn a' bhogsa fhiodha bha grunn litrichean air an sgrìobhadh gu Miss S R Paterson, 'Bidston', Craobh-Rathaid Rois, Inbhir Nis, agus 's ann à Dùn Èideann a thàinig iad.

Bha iad air an cur sa phost air an 19mh den Lùnasdal 1934 's am-measg nan litrichean prìseil, bha cuiridhean pòsaidh cuideachd a bhiodh luachmhor do chuideigin.

Cò bu leis iad

Chaidh am bogsa agus na litrichean a thoirt dha Poilis a Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis, 's ged a bha iad air a bhith san uisge, cha deach am milleadh ro dhona 's bha an sgrìobhadh soilleir gu leòr.

Image copyright Other
Image caption Chaidh na litrichean a chur dhan phost ann a 1934

'Se Sarah an t-ainm a tha air an litrichean agus a bharrachd air Inbhir Nis, chaidh na litrichean a chur thice ann a Baile Dhuthaich, Leeds agus Dun Eidinn agus 's ann bhon duine aice Rabairt a bha iad s' tha h-uile coltas gun robh esan san airm.

Thathas a' dèanamh a-mach gur e tidsear a bh'inntse, agus 'se 'My Darling Sarah' a bh'aigesan oirre.

Tha e foileasach bho na litrichean gu bheil esan a' deanadh deiseil son a dhol dhan chogadh 'se ag ràdh nach robh an t-eagal air idir, ach gun robh e ag iarraidh a' chùis a bhith seachad gus am faigheadh e dhachaidh thicse 'se a' criocnachadh na litreach le 'Bye bye my darling'.

Chan eil fhios do thìll e bhon a' bhlàr.

Bhon Dùbhlachd tha na polais air oidhirp a dhèanamh son lorg fhaighinn air an neach aig an robh na litrichean, ach gu ruige seo, chan eil iad air soirbheachadh.

Tha na poilis a-nise air a' chùis a thoirt gu aire a' mhòr-shluaigh 's iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fios mun bhogsa, no na litrichean, no am boireanach dham buinneadh iad, fios a chur thuca dhan oifis air Rathad Burnett, Inbhir Nis, no fònadh 01463 228413.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile