BBC Naidheachdan

Manaidsear tuathanais ri puinnseanachadh

Published
image captionChaidh iolaire bhuidhe fhaighinn marbh faisg air Drochaid Urchaidh ann an 2009
Dh'aidich fear a bha ag obair na mhanaidsear air oighreachd ann an Earra Ghàidheal gun do chleachd e am puinnsean toirmisgte carbofuran.
Thuirt Tom McKellar, a tha 50, gur ann airson smachd a chumail air sionnaich a bha e a' cleachdadh a' phuinnsein.
Dh'aidich e gu robh e air pìosan feòla a chur a-mach a bh' air a chomhdachadh leis.

Iolaire bhuidhe

Thòisich rannsachadh ann an 2009 as dèidh mar a chaidh iolaire bhuidhe fhaighinn marbh le buidheann de luchd-coiseachd faisg air Drochaidh Urchaidh.
Fhuair sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air an eun gun deach a phuinnseanachadh.
Chaidh casg a chur air carbofuran ann an 2001 air sgàth 's cho cunnartach 's a tha e do mhac an duine agus do bheathaichean.
Thèid binn a chur air Mgr McKellar air an 29mh dhen Chèitean.