Aire air geamaichean cupa

Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Chluich na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich ann an 2010, geama a bhuannaich Inbhir Aora 3-2.

'S ann air farpaisean cupa aig deas agus tuath a bhios aire luchd-leantainn na h-iomain Disathairne.

Tha coltas tarraingeach air dà gheama gu sònraichte.

Sa cheann a deas thèid Inbhir Aora an aghaidh Chaol Bhòid sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa Comunn Ceilteach Ghlaschu.

'S e taghadh duilich a bha seo do gach sgioba oir bhiodh mòran a' sùileachadh gur ann sa chuairt dheireannaich a bhiodh iad a' coinneachadh.

Grèim

Bha Inbhir Aora air grèim teann a chumail air an fharpais seo bho chionn ghoirid, ga glèidheadh 9 tursan eadar 2001 is 2010.

Chaidh an cupa gu Taigh na Bruaich an-uiridh ge-tà, le Caol Bhòid a' dèanamh a' ghothaich air Inbhir Aora 4-1 air an t-slighe a dh'ionnsaigh an fharpais a bhuannachadh.

Tha sgioba òg aig Caol Bhòid a tha fhathast a' tighinn air adhart, is tha coltas ann gun gabh iad àite Inbhir Aora mar phrìomh sgioba na roinne anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Tha iad air toiseach-tòiseachaidh meadhanach math a dhèanamh san lìog ach 's ann air na cupanan a bhios iad gu mòr ag amas am bliadhna.

Doirbh

Rinn iad a' chùis air Cill Mhàilidh Disathairne agus bithear an dùil gur iad a thèid troimhe air a' cheann thall an aghaidh Inbhir Aora, ged nach bi e furasta.

"Tha sinn toilichte gu bheil sinn aig an taigh - 's e sin a bha sinn ag iarraidh", thuirt manaidsear Inbhir Aora, Iain Smylie.

"Tha na balaich car ìosal às dèidh dhuinn call 4-0 an aghaidh Baile Ùr an t-Slèibh an t-seachdain seo chaidh.

"S e geama mòr a tha seo ge-tà - is cha bhi agam ri cus a ràdh riutha son am brosnachadh ro-làimh", thuirt e.

Tuath

Aig tuath 's e an Gearasdan an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh geama mòr an là ann an Cupa MhicThàmhais.

Tha coltas air leth làidir air a' Bhaile Ùr agus chan eil teagamh nach iad an sgioba as fheàrr sa gheama an-dràsta.

Gu dearbha rinn Iain Smylie moladh mòr orra an t-seachdain seo, is e ag ràdh nach eil e "a' faicinn laigse sam bith san sgioba sin".

Tha an Gearasdan a' dol gu math cuideachd ge-tà, ged a chaill iad son a' chiad turas am bliadhna Disathairne sa chaidh.

Làidir

"Ma thèid againn air an sgioba as làidire againn a chur air a' phàirc bidh teans againn", thuirt manaidsear a' Ghearasdain, Peadar Mac an t-Saoir.

"S e an rud as cudromaich gun cum an loidhne dìon againn smachd air an luchd-aghaidh acasan.

"Ma thacras sin - bidh deagh chothrom againn", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile