BBC Naidheachdan

Deugaire à Taobh Sear Rois a dhìth

Published
image copyrightOther
image captionChaidh Moyra As-Chainey fhaicinn mu dheireadh madainn Diciadaoin.
Tha còrr is 50 neach an lùib iomairt gus lorg fhaighinn air deugaire às Eadardan, faisg air Baile Dhubhthaich.
Chaidh Moyra As-Chainey, a tha 16, fhaicinn mu dheireadh mu 08:30 madainn Diciadaoin.
Tha heileacoptair RAF, luchd-teasargainn nam beann bho Achadh Dà Dhòmhnaill is Asaint agus na maoir-chladaich ag obair còmhla ri na poilis san iomairt, a tha stèidhichte timcheall air sgìre Eadardain.
Tha Moyra 5 troighean is 7 oirlich, tha gruag fada donn oirre agus tha a sùilean uaine.
Nuair a chaidh faicinn mu dheireadh bha fleece gorm oirre, briogais legging dubh agus botanan Ugg.
Thuirt na poilis gu bheil iad draghail mu sàbhailteachd.
Dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis brath a chur thuca aig Steìsean Poilis Baile Dhubhthaich air 01862 893852, air neo gu Crimestoppers air 0800 555 111.