Oifigearan-naidheachd a' fàgail
- Air fhoillseachadh

Tha dithis oifigearan-naidheachd bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, a bh' air an cur far na h-obrach rè uìne, air an dreuchdan fhàgail.
Thòisich a' Chomhairle rannsachadh mu Dinah NicAoidh agus Janet West a thaobh chasaidean gun do chleachd iad siostam conaltraidh na Comhairle air adhbharan pearsanta.
Ann am brath-naidheachd thuirt a' Chomhairle gun robh an dithis air sgrìobhadh thuca a dh'innse gu bheil iad a' fàgail nan dreuchdan, is gu bheil sin a' toirt a' ghnothaich gu ceann.
Tha ceannard conaltraidh na Comhairle, Jo Nic a' Ghobhainn, fhathast fo rannsachadh eile.
'S ann a tha an rannsachadh sin a' coimhead air casaidean mu chunntasan fuadain air làraichean-lìn sòisealta, a tha i a' cumail a-mach a bha gan cruthachadh gus sùil a chumail air daoine a bha a' toirt slaic air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.