Duine ga ghearradh a-mach à càr air an A82
- Air fhoillseachadh

Thachair an tubaist mu 08:30m Dihaoine
B'fheudar aon duine a ghearradh a-mach à càr an dèidh tubaiste air an A82 faisg air Inbhir Moireasdain mu 08:30m Dihaoine.
Bha dà chàr 'san tubaist agus chaidh fear dhiubh far an rathaid le daoine glacte na bhroinn.
Cha deach an dithis anns a' chàr eile a dhroch leòn.
Chaidh heileacoptair eiridinn iarraidh agus tha an rathad fhathast dùinte gus an sgioblaich na poilis an làrach.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh