Cluba a' comharrachadh 25 bliadhna

Sir Iain Noble Image copyright Other
Image caption Chaidh Club Gnìomhachas nan Gàidheal a stèidheachadh le Sir Iain Noble nach maireann.

Tha Club Gnìomhachais nan Gàidheal a' comharrachadh 25 bliadhna bho chaidh an stèidheachadh.

'S e Sir Iain Noble nach maireann a stèidhich a' bhuidheann ann an 1987.

Bha e a' faireachdainn gun robh luchd-gnìomhachais às iomadach ceàrnaidh a' fuireach ann an Alba agus a' cruinneachadh agus ag obair tro na cànain aca fhèin.

Shaoil e gum bu chòir an aon rud a bhith ann son Ghàidheal ann an saoghal a' ghnìomhachais.

Bhon uair sin tha Club Gnìomhachais nan Gàidheal air mòran airgid a chur ri pròiseactan Gàidhlig.

Tha iad an dùil an obair sin a chumail a' dol anns na bliadhnaichean ri thighinn.

"Tha comataidh stiùiridh againn, is bidh iadsan a' coimhead ris a h-uile càil a tha a' dol air adhart air a' Ghàidhealtachd," thuirt Murchadh Moireasdan a tha na bhall den chluba.

Cuideachadh

"Dè tha a' tachairt is dè an cuideachadh as urrainn dhuinn a' toirt seachad - sa chiad àite dha chèile ann an gnìomhachas oir 's e sin an seòrsa cluba a th' ann - ach cuideachd ma tha cothrom againn daoine eile a chuideachadh ann an dòighean sònraichte," thuirt e.

Dh'innis Mgr Moireasdan gu bheil an cluba gus moladh a chur gu Riaghaltas na h-Alba, airson sealltainn gu bheil iad a' cur taic ris an iomairt gus seirbheis aiseig a stèidheachadh eadar Malaig is Loch Baghsdal.

Thuirt e gu bheil feum mòr air an t-seirbheis.

Cruinnichidh an cluba ann an Sgàin aig an deireadh-sheachdain son an coinneimh bhliadhnail, agus airson an 25 bliadhna a chomharrachadh.